Ged a b’ e dealbhadh grafaigeach, leasachadh làraichean-lìn no seirbheisean Gàidhlig, bidh sinne a’ toirt fuasglaidhean deasaichte a bhios a’ tarraing dhaoine còmhla agus a’ mairsinn èifeachdach san àm ri teachd. Tha Cànan oirnn mar ainm agus nar gnè. ’S e conaltradh a tha aig ar cridhe, ar bun agus air ar teanga.
/ka-nan/nf.
language
Tha sinne ag obair ri taobh na mara agus an cois nam beann anns an Eilean Sgitheanach – mar sin, tha fhios againn dè th’ ann am bòidhchead leis gu bheil e mu ar comhair, ’s a’ toirt deò lèirsinn dhuinn gach latha. Gheibhear brosnachadh bho shàr sheallaidhean.
Ach tha sinne, gach aon againn, beò ann an saoghal a tha ag atharrachadh gu luath, agus tha fhios againn dè th’ ann a bhith stèidhichte – gus aonta fhaighinn eadar ùr-ghnàthachas agus maireannachd. Tha feum aig an t-saoghal air dìoghrasachd an lùib cèille, agus tha sin againn ann am pailteas.
Mu Ar Deidhinn

Thòisich sinn ann an 1992 gus goireasan ionnsachaidh a chruthachadh airson na Gàidhlig agus bhon uairsin tha sinn air leudachadh gu bhith ag obair ann an dealbhadh, obair chànain agus anns na meadhanan cruthachail. Air an t-slighe, tha sinn air barrachd eòlais fhaighinn le bhith a’ toirt sheirbheisean agus le bhith a’ stiùireadh iomairtean nàiseanta. Tha sinn air iomadh duais agus deagh chliù a chosnadh gu ruige seo.
’S e companaidh bheag a th’ annainn ach ged a tha sinn beag, tha eòlas mòr againn. Tha an sgioba againn dlùth aonaichte, dìleas agus comasach agus bithear ag obair gu math ann an com-pàirteachas riutsa ann an dòigh a tha èifeachdach agus innleachdail. Thèid aig Cànan air do chuid bheachdan a thoirt gu buil gus pròiseactan de gach meudachd agus seòrsa a choileanadh mar bu chòir.
Tha fhios againn gur e ar cuid ghoireasan agus bathair a tha a’ dearbhadh na neartan a th’ againn – agus gur e an sgioba agus an luchd-dèiligidh againn a tha gar cur air leth bho chàch. Thoir sùil air an obair as ùire againn agus faic dhut fhèin a’ choimhearsnachd a tha againn an seo aig Cànan.
Ar n-Obair
EDTC / PRC
Stèidhich Oilthigh Napier Dhùn Èideann EDTC Technology Gateway agus Ionad Buileachadh Bathair (PRC) le dùil eòlas teicnigeach a thabhann do dhaoine is gnothachasan Albannach a bha airson an cuid gnìomhachd a dheasachadh, am beachdan a dhèanamh tarbhach agus bathar a thoirt gu buil. Leis gum bi sinn a’ toirt comhairle is taic theicnigeach, dh’iarr iad ar cuid eòlais chruthachail oirnn gus aithne mhath, shoilleir a stèidheachadh don bhuidhinn agus làrach-lìn a dhèanamh airson an teachdaireachd de shoirbheachas a chur an cèill.
www.edtc.org.uk
www.productrealisation.org.uk
Seirbheisean: leasachadh aithne na buidhne agus bùthan-obrach leasachadh aithne, dealbhadh grafaigeach (brataichean, sanas-leabhrain, pàipearachd, dealbhadaireachd, dealbhadh làraichean-lìn, sgrìobhadh susbaint, prìomh ràdhan-suaicheantais airson margaidheachd ro-innleachd
LearnGaelic.net
À compàirteachas de bhuidhnean Gàidhlig, tha LearnGaelic a’ freagairt feum riatanach ris an robhar a’ feitheamh bho chionn fhada: aon àite air a chruthachadh a tha a’ stiùireadh luchd-ionnsachaidh de gach aois is ìre a dh’ionnsaigh nan goireasan a tha a dhìth orra. Tha Cànan air làrach-lìn tharraingeach a dhealbhadh a bheir cothrom rèidh air ionnsachadh na Gàidhlig, agus rinn sinn tionndadh ùr den t-seann phrògram, Speaking Our Language airson an eadar-lìn. Gheibhear teacsaichean nan còmhraidhean Gàidhlig agus tionndaidhean Beurla le leasanan nan cois ann an cruth PDF.
Seirbheisean: aithne bhuidhne, dealbhadh grafaigeach, dealbhadh is leasachadh làraichean-lìn, tar-sgrìobhadh agus eadar-theangachadh Gàidhlig, dealbhadaireachd, stiùireadh phròiseactan
FilmG - Co-fharpais nam Filmichean Goirid
Tha Cànan air a bhith a’ stiùireadh FilmG fad ceithir bliadhna a-nis, pròiseact ainmeil a dhealbhaich sinn bhon chiad bheachd gu lìbhrigeadh. Rinn sinn làrach-lìn a tha mar dhachaigh do cho-fharpais bhliadhnail nam filmichean goirid Gàidhlig agus a tha a’ taisbeanadh nam filmichean a bh’ ann roimhe – fhuaras 71 an-uiridh. Bidh sinn cuideachd a’ tabhann prògram sònraichte de thrèanadh mar chuideachadh do dhaoine a tha airson film a dhèanamh. Agus, aig ceann gach bliadhna den fharpais, bidh sinn a’ cumail cuirm nan duaisean a bheir seachad sreath de dhuaisean don fhìor fharpaisich as fheàrr, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.
Seirbheisean: stiùireadh phròiseactan, dàimhean poblach agus foillseachadh, dealbhadh grafaigeach is làraichean-lìn, aithne bhuidhne, dealbhadaireachd, deasachadh is eadar-theangachadh Gàidhlig, stiùireadh thachartasan
’S e sinne an aon chompanaidh anns an t-saoghal a bhios a’ tabhann nan sgilean agus nan seirbheisean sònraichte seo. ’S dòcha gun iarr ar luchd-dèiligidh oirnn dealbh a dhèanamh agus sgeulachd aithris aon latha, no fios sìmplidh a sgaoileadh latha eile. Ged a b’ e pròiseact a chur air bun-stèidh làidir, no pròiseact a tha feumach air stiùireadh, bidh sinne ag obair a rèir nam feumalachdan sònraichte a tha a dhìth – air an uair agus taobh a-staigh a’ bhuidseit gach turas.
Am measg nan seirbheisean a tha sinn a’ tabhann tha na leanas (ged a tha barrachd air an tabhann cuideachd):
Ar Seirbheisean
Stiùireadh ealain
Bun-smuaintean cruthachail
Stiùireadh phròiseactan
Stiùireadh thachartasan
Dealbhadh grafaigeach, sgead-dhealbhachd agus dealbhadaireachd camara
Dealbhadh agus leasachadh làraichean-lìn
Siostaman rianachd sùsbainte
A’ stèidheachadh aithne buidhne agus margaidheachd
Sgrìobhadh susbaint
Eadar-theangachadh agus deasachadh Gàidhlig
Leasachadh cànain
Ionnsachadh air-loidhne
Luchd-dèiligidh 
’S fìor thoigh leinn a bhith a’ freagairt cheistean agus a bhith a’ faighinn fhuasglaidhean, a rèir nam feumalachdan agad fhèin.
Cuir fios thugainn - cha bhi strì ann dhut.
Leig Fios
fios@canan.co.uk