dathanDàna@Cànan ...


Foillseachaidhean ...

Is e prìomh sgrìobhainn na bliadhna a tha san aithisg bhliadhnail do dh'eagrachadh mòr sam bith, ach cha chreideadh tu sin mar a tha cuid dhiubh air an dealbhadh. Saoil a bheil ur luchd-earrannan gan leughadh? Is urrainn dha Cànan ur cuideachadh gus bileag tharraingeach, fhreagarrach a chruthachadh, às an tig a' phrothaid as motha mu choinneamh na cosgais.

Tha na sgilean againn a thaobh dealbhadh grafaigeach, togail dhealbhan, stiùireadh phròiseactan agus deasachadh, gus dèanamh cinnteach gu bheilear a' làimhseachadh agus a' nochdadh nam foillseachaidhean as cudromaiche agad dìreach mar a bhios tu gan iarraidh. Mar thoradh air an sin, bidh an teachdaireachd fhreagarrach air a taisbeanadh don luchd-èisteachd agad.

Chan ann a-mhàin mu dheidhinn fhacail air an duilleig a tha foillseachaidhean. Ach mas ann dhan sin a bhios luchd-dèiligidh a' toirt an làn aire, nì Cànan an còrr. Bho dheasachadh teacsa gu stiùireadh clò-bhualadh, saoradh chòirean glèidhte gu dealbhadh còmhdach, tha sinn
a' tairgsinn seirbheis a tha eòlach is èifeachdach agus gu tur saor bho dhuilgheadas - gun dad agadsa ri dhèanamh ach gabhail ris gach puing is cromag.