ionnsachadhBòidheach@Cànan ...


Stiùireadh phròiseactan ...

Faodaidh ullachadh agus leasachadh stuthan e-ionnsachaidh a bhith cosgail agus a toirt suas mòran ùine, ach tha sgioba ionnsachadhCruthachail fìor ealanta air an obair.

Tha sinn cleachdte ri pròiseactan mòra le mòran ainmearan fillte leithid ùr-nodha, sàr-ghnàthaichte, mòr-ionmhais, trast-chlàr agus ioma-shuidheachadh.

Tha eòlas mòr againn cuideachd air a bhith a' stiùireadh agus a' co-òrdanachadh nan iomadh chuspairean caochlaideach agus eiseamalach aig a bheil feum air a' chuid mhòr de phròiseactan e-ionnsachaidh: planadh leasanan, dealbhadh oideachail agus so-ruigsinneach, sònrachadh bathar bog, sgrìobhadh cruthachail, dealbhadh grafaigeach, leasachadh fuaim is bhideo. Dh'fhaodadh gum feum sinn beagan caisreabhachd a dhèanamh bho àm gu àm - ach tha sinn daonnan a' sìor chumail chùisean a' dol gun stad agus tha na gheibh sinn de bhualadh-bhas aig an deireadh na dhuais dha-rìribh.