cànan n (kahnan). Luchd-solair dhòighean ionnsachaidh ùr-ghnàthach agus fhuasglaidhean conaltraidh, ann an cànan sam bith.
11 Giblean 2008 - bidh Cànan a' gluasad gu oifisean ùra ann am Fàs, an togalach ùr a tha na phàirt de Shabhal Mòr Ostaig. Chithear dealbhan an seo an ath sheachdain.
Le Cànan, is ann mar a chì sibh a gheibh sibh - seirbhisean sàr-mhath tarsainn prìomh raointean eadar-cheangailte. Tha beus-eòlais ar sgioba a' ciallachadh gum faigh thu fuasgladh aonaichte ùr-ghnàthaichte bho Cànan, ma tha feum aig a' phròiseact agad air eileamaidean ionnsachaidh, dealbhaidh agus/no cànain
Tha Cànan ag obair ann an compàirteachas onarach agus dearbhach gus na h-amasan agad a choileanadh. Tha sinn a' solarachadh fhuasglaidhean a tha ùr-ghnàthaichte ach seasmhach; cruthachail ach comasach an lìbhrigeadh; agus togaidh an obair againn
d' ìomhaigh airson nan adhbharan ceart. Tha sinn daingeann nar taic do chànanan agus do chultaran ar dùthcha ach tha sinn an-còmhnaidh fosgailte do phròiseactan is do bheachdan ùra! Tha sinn stèidhichte san Eilean àlainn Sgitheanach, ach tha sinn glè dheònach siubhal gus do choinneachadh (nas lugha na gu bheil thu fhèin airson faighinn air falbh bhon oifis!)
Tha sinn siubhlach le facail, le dealbhadh agus le modhan ionnsachaidh ùra. Tha comas aig an luchd-obrach againn ann an ionnsachadhBòidheach, deaghChainnt agus ann an dealbhanDàna dèanamh cinnteach gum faigh na daoine agad agus do luchd-dèiligidh buannachd às.
B' e Cànan, còmhla ri Oilthigh Napier, an aon ghnìomhachas Albannach a bhuannaich Duais KTP ann an 2004 airson Compàirteachas Gluasad Fiosrachaidh - a thuilleadh air a bhith am measg nan ochd dheireannach a bha a' farpais airson duais iomlan na Rìoghachd Aonaichte.
Agus thog sinn duais mhòr eile aig Duaisean Gnìomhachais na Gaidhealtachd 's nan Eilean ann an 2005...
...ach cha bhi sinn a' dèanamh mòran dheth idir.

Fòn: +44 (0) 1471 888500