deaghChainnt@Cànan ...


Ag ath-sgrìobhadh ...

Tha ath-sgrìobhadh mu dheidhinn a bhith a' sgaoileadh do theachdaireachd dha na daoine a tha thu airson a' ruigsinn leis a' bhuaidh as motha. Chan eil e a' ciallachadh a bhith
a' sgrìobhadh rud a chòrdas riut fhèin, agus tu an dòchas gun còrd e riutha. Eadar gu bheil feum agad air teacsa airson leabhran, làrach-lìn no bhideo, sgrìobhaidh sinne ann an dòigh iomchaidh dhan mheadhan sin agus tagh fhèin an cànan, Beurla no Gàidhlig.

Tha sinn air ath-sgrìobhadh a leasachadh agus a dheasachadh dha na buidhnean mòra agus beaga: Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd, Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna, Learning and Teaching Scotland, learndirect Scotland agus gnothachasan beaga air feadh na Gàidhealtachd. Lìbhrig sinn na facail cheart dha na daoine air an robh iad ag amas ann an dreach soilleir agus fiughantach, a' dèanamh cinnteach gun d' fhuair na buidhnean sin èisteachd.