ionnsachadhBòidheach@Cànan ...


So-ruigsinneachd...

Cha bhi sinn dìreach a' bruidhinn air mar bu chòir cùisean so-ruigsinneachd a bhith. Bidh sinn a' gabhail riutha,
a' dèiligeadh leotha agus a' cruthachadh làraich-lìn agus bathar a tha co-chòrdail dhan stiùireadh agus dha na riaghailtean as ùire.

Le bhith gu tur dealasach a thaobh dealbhadh so-ruigsinneach, tha sinn a' cumail suas ri measadh nan cleachdaidhean as fheàrr tro fhòraman lìn, agus a' frithealadh cho-labhairtean eadar-nàiseanta co-cheangailte ri Inbhe agus So-ruigsinneachd Làraich-lìn.

Tha sinn a' dèanamh cinnteach gu bheil sinn ag obair leis na h-adhartasan as ùire ann an taic so-ruigsinneachd, le bhith gu cunbhalach ag ùrachadh ar n-innealan leasachaidh co-cheangailte ri bathar bog.

Is e as cudromaiche ge-tà, gu bheil Cànan ag obair còmhla ris an luchd-amhairc air a bheilear ag amas, ag iarraidh orra na goireasan againn fheuchainn a-mach agus a mheasadh mar phàirt de mhodh-obrachaidh dealbhaidh ath-chleachdail, a bhios a' cumail so-ruigsinneachd gu mòr am follais.