ENGLISH
GAIDHLIG
SITE MAP
Naidheachdan Ùra
  • Subhachas agus FilmG 2 a’ tighinn gu crìoch. Chùm FilmG 2, farpais fhilmichean goirid air-loidhne a tha pròiseact-stiùirichte le Cànan, an dàrna cuirm dhuaisean aice ann an Cùirt an Aodainn, Inbhir Nis air Dihaoine 5mh An Gearran. B’ i oidhche sgoinneil de shubhachas a bh’ innte, le ceòl beò aig Niteworks agus grunn mhath de dh’aoighean ainmeil àraidh, leithid Joe MacThòmais, reul nan ‘In-betweeners’ - comadaidh ainmichte airson BAFTA. Tadhail air www.filmg.co.uk airson tuilleadh!

  • Iomhaigh Ùr don ‘Àrmadal’, an t-Eilean Sgitheanach. ’S e Cànan a thagh Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill, an dèidh pròiseas tagraidh nàiseanta, airson ainm ùr, ionannachd, làrach-lìn agus goireasan sanasachaidh eile a leasachadh don ionad-turais agus oighreachd aca (roimhe Àrmadal, an t-Eilean Sgitheanach). ’S i seo pròiseact a tha a’ toirt togail agus cothrom air leth dhuinn co-obrachadh le cliant ionmholta - air ar stairsneach fhèin! Thèid an ionannachd a chur air bhog gu h-oifigeil goirid ron Chàisge, ach gheibh thu sealladh tràth air an làraich ’s air an ionannachd ùr an-dràsta fhèin! Leugh an naidheachd gu lèir an seo: http://www.clandonald.com/index.php?/news_events/category/C65

  • Goireasan Foghlaim Gàidhlig do Chalmac. Tha Cànan làn toilichte obrachadh còmhla ri Calmac gus pasgan de ghoireasan-lìn a sholar mar chùl-taic don Phlana Ghàidhlig aca. An lùib nan goireasan seo, bidh modal mothachaidh air a’ Ghàidhlig agus sreath de mheanbh-leasanan le susbaint ioma-mheadhan nan cois gus piobrachadh a thoirt do luchd-obrach an cànan ionnsachadh. Thèid aig Cànan air goireas ceudna a thairgsinn do bhuidhnean eile a tha ag iarraidh cothrom a thoirt don luchd-obrach aca air beagan Gàidhlig ionnsachadh.

  • Peantadh le fear-ealain Cànain ga fhoillseachadh. Tha sgioba Cànain a’ cur meal a naidheachd air an dealbhaiche is fear-ealain againn, Steve MacCoinnich. Dh’fhoillsicheadh an dealbh aigesan den stiùiriche a bh’ ann roimhe, an t-Àrd-ollamh Tormod MacGilliosa OBE, ro òraid bhliadhnail an t-Sabhail san Dùbhlachd. Chithear am peantadh fhèin ann an atrium ACC agus tuilleadh obair-ealain Steve aig www.stevenmckenzie.co.uk

  • Ceannard Cànain aig tachartas Sruighlea. Bha Donella Beaton, ceannard Cànain, a’ labhairt aig a’ cho-labhairt nàiseanta, Be Inspired to Innovate, ann an Ionad Stiùiridh Sruighlea air 17mh An Gearran. Air a ruith le ICASS is EDTC, bha 120 neach-ionaid an làthair, agus bha Cànan am measg nan sia companaidh a chaidh an taisbeanadh ann air sàilleabh ’s mar a bha iad a’ soirbheachadh len dòigh-obrach ùr-ghnàthach.
Fiosrachadh dha na meadhanan
© Cànan 2009. Cànan, Fàs, Sabhal Mòr Ostaig, Slèite, an t-Eilean Sgitheanach IV44 8RQ Fòn: +44 (0)1471 888 500. Post-d: Àireamh-clàrachaidh: no: 216826