ENGLISH
GAIDHLIG
SITE MAP
Naidheachdan Ùra
  • Ghlèidh Cànan inbhe IIP (Creideas nar Cosnaidhean) airson 3 bliadhna a bharrachd. Mholadh a’ chompanaidh mar shàr-eisimpleir nàiseanta leis a’ mheasadair. Mealaibh ur naidheachd sgioba Chànan!

  • Tha Pàrlamaid na h-Alba a’ sireadh fhaclan mu Alba a thèid an snaigheadh air Balla a’ Chanongate airson an 10mh ceann-bliadhna a chomharrachadh. Ma tha beachd agadsa air rudeigin a bhiodh freagarrach tadhail air http://www.scottish.parliament.uk/vli/holyrood/faq/answers/art007.htm

  • Bidh FilmG, co-fharpais fhilmichean goirid MG ALBA, ann an co-bhann ri Iomairt na Gaidhealtachd ’s nan Eilean a’ cumail tachartas fiosrachaidh aig fèis goNorth, Inbhir Nis Dihaoine 12 an t-Ògmhios. Seallar filmichean soirbheachail bho an-uiridh agus gheibhear biadh ’s deoch. Faigh a-mach tuilleadh aig www.filmg.co.uk no www.gonorth.biz.

  • Mìle taing don luchd-dèilig uile a ghabh pàirt nar suirbhidh o chionn ghoirid. Tha ur beachdan ro dheatamach gus dèanamh cinnteach gum bi sinn a’ sìor thabhann na seirbheis as fheàrr agus luach ur cuid airgid.

Fiosrachadh dha na meadhanan
© Cànan 2009. Cànan, Fàs, Sabhal Mòr Ostaig, Slèite, an t-Eilean Sgitheanach IV44 8RQ Fòn: +44 (0)1471 888 500. Post-d: Àireamh-clàrachaidh: no: 216826