Tha bun-luachan aig Cànan fhèin, ris am bi gach neach sa Chompanaidh a' gabhail. Tha na bun-luachan seo gar treòrachadh nar n-obair, a' mìneachadh an dòigh-obrach againn agus a' cur an cèill an coltas a tha air Cànan mar chompanaidh :
- a bhith nar tùsairean – adhartach, cruthachail 's le sealladh iomairteach
- a bhith ag obair an compàirteachas leis an Luchd-dèiligidh againn gus amasan a choileanadh
- a' brosnachadh, a' cuideachadh 's a' cur taic ri càch a chèile, mar daoine fa leth is mar sgioba
- a bhith a' sìor ionnsachadh agus a' cur eòlas air rudan ùra...
- a bhith a' tabhann chothroman co-ionnan dha luchd-obrach, compàirtichean, Luchd-dèiligidh is luchd-solarachaidh
- a bhith a' rianachadh agus a' sanasachadh goireasan Chànan, luchd-solarachaidh is Luchd-dèiligidh
- a' dol an sàs ann an leasachadh na Gàidhlig, Shabhal Mòr Ostaig agus na coimhearsnachd ionadail








Bearnan Obrach