ENGLISH
GAIDHLIG
SITE MAP

MU AR DEIDHINN


Stèidhicheadh Cànan aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 1992. Bhon àm seo, thugadh leasachadh air eòlas is ealantas a’ chompanaidh ann an dealbhadh, fuasglaidhean cainnte leithid eadar-theangachadh, agus ann an iomairtean foghlaim ’s na meadhanan cruthachail. Le sin, tha Cànan a’ tagradh urraim a thaobh nan seirbheisean a tha e a’ toirt seachad, is e air pròiseactan nàiseanta a stiùireadh gu ceann soirbheachail.

Faic ar clàr-obrach

Tha ar dòigh-obrach shùbailte a’ dèanamh gun toir sinn seachad aon de na seirbheisean seo, no làn-fhuasgladh aonaichte. Nì sinn e mar a chaidh aontachadh a thaobh tìde is buidseit – ann an Gàidhlig no Beurla – ur toil fhèin.

Fhuair Cànan
  • Duais Sàr-Chleachdadh Ùr-ghnàthach Roinn HMI airson FilmG, 2009
  • Àite air Prògram Stiùireadh Tionnsgalachd Eadar-nàiseanta 2009 aig Sgoil Sloan MIT.
  • Samhladh Nàiseanta IIP Scotland air Cleachdadh as Fheàrr, 2009
  • Duais Coileanadh 10-Bliadhna IIP Scotland, 2006
  • Duais Gnìomhachais na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, 2005
  • Duais Com-pàirteachadh Tar-aiseig Eòlais Nàiseanta aig Roinn na Malairt is Gnìomhachais còmhla ri Oilthigh Napier, 2004

SEIRBHEISEAN

LUCHD-DÈILIG

  • Stiùireadh Phròiseactan
  • Eadar-theangachadh is dearbh-leughadh na Gàidhlig
  • ICT a thaobh ionnsachadh cànain
  • Rannsachadh is leasachadh
  • Margaideachd
  • Ionannachd Ìomhaigh
  • Dealbhadh Làraichean-lìn
  • Dealbhadh Grafaigeach is rianachd clò-bhuailidh
  • Bun-smuaintean cruthachail agus leasachadh dealbhaidh
  • Dealbhan foto
  • Trèanadh is comhairleachadh
  • MG ALBA
  • Sabhal Mor Ostaig
  • Calmac
  • Clan Donald Skye
  • Poilis a’ Chinn a Tuath
  • Ùghdarras Theisteanas na h-Alba (SQA)
  • Oilthigh Napier Dhùn Èideann
  • RSPB
  • Comhairle na Gàidhealtachd
  • Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE)
  • Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH)
  • Faclair na Gàidhlig
  • Tobar an Dualchas
  • Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig
  • Bòrd na Gaidhlig
  • Institiùd OGE na Mìle Bliadhna (UHI)


© Cànan 2009. Cànan, Fàs, Sabhal Mòr Ostaig, Slèite, an t-Eilean Sgitheanach IV44 8RQ Fòn: +44 (0)1471 888 500. Post-d: Àireamh-clàrachaidh: no: 216826